Gaelic Open Day a big success at Sabhal Mòr Ostaig

San dealbh ch�thear Isla Hyslop, Freya NicN�ill agus Grace Chaimbeul � Sl�ite a' gabhail sp�rs aig F�ill Gh�idhlig an t-Sabhail.

San dealbh ch�thear Isla Hyslop, Freya NicN�ill agus Grace Chaimbeul � Sl�ite a' gabhail sp�rs aig F�ill Gh�idhlig an t-Sabhail.

0
Have your say

Sabhal Mòr Ostaig held its first Gaelic Open Day on Saturday (21 April). The day was a great success and included a wide variety of events and activities aimed at promoting Gaelic and which involved groups and organisations connected with the college, the community and Gaelic.

The day centred not only on Gaelic but also on the community, and there was plenty on offer for Gaelic speakers and for those without Gaelic who were interested in learning more about it. There were a lot of families in attendance who were able to enjoy a variety of activities which included: a music session, art and drama workshops, Gaelic tasters sessions for beginners, an exhibition of Cailean Maclean’s pictures, a buffet and a ceilidh to finish off the day. There was plenty of entertainment and games also on offer throughout the day, which included a tug o’ war, a bouncy castle, art, face-painting, an art walk, a coconut-shy and much more. There were also a number stalls with groups and organisations from the college, community and further afield.

Donald Angie MacLennan, Head of Estates and Services at SMO, said: “The college has earned a reputation as a popular venue for a variety of events as are held throughout the year and last year over 7,000 people attended conferences, concerts, and film and drama nights staged here. This activity adds considerably to the college’s academic work and to the experience of its students and we were delighted to welcome again so many from the community to our first Gaelic Open Day.”

Janni Diez, Language Development Officer for SMO, said: “We had a great day and everybody had a good time. It is so important to create opportunities like this where people can get together and speak Gaelic. Not everybody has this opportunity, so it’s really important to have fun Gaelic events like this to keep the language alive as a vivid community language and to build up people’s confidence to speak it.”

Sleat resident Una MacLeod from Teangue said: “I went to Cailean Maclean’s photography class which was great. I really enjoyed the day. There was a very nice atmosphere and the whole day was well thought out. I hope it will be repeated again next year.”

Chaidh a’ chiad Fhèill Ghàidhlig a chumail Disathairne (21 Giblean) aig Sabhal Mòr Ostaig far an robh spòrs is dibhearsan am pailteas ann air latha a chuir a’ cholaiste air dòigh gus sanasachd a dhèanamh air a’ Ghàidhlig agus air diofar bhuidhnean agus daoine aig a bheil ceangal ris a’ Ghàidhlig.

A thuilleadh air a bhith na latha don Ghàidhlig b’ e latha don choimhearsnachd a bh’ ann, agus bha gu leòr ann ri dhèanamh don a h-uile duine le Gàidhlig agus gun Ghàidhlig agus bha tòrr theaghlaichean an làthair air an latha. Am measg na bha a’ dol air an latha bha: seisean ciùil, bùithtean-obrach ealain is dràma, leasanan Gàidhlig do luchd-tòiseachaidh, taisbeanadh dhealbhan le Cailean MacIllEathain, bufaidh agus cèilidh. Bha grunn gheamannan is chur-seachadan a’ dol fad an latha cuideachd, leithid tarraing ròpa, caisteal leum, ealain, peantadh aodainn, cuairt ealain agus iomadh rud eile. Agus bha grunn bhuidhnean is daoine ann bhon cholaiste, bhon choimhearsnachd agus bho àiteachan eile aig an robh stàile.

Thuirt Dòmhnall Angaidh MacIllInnein, Ceannard Oighreachd is Sheirbheisean Sabhal Mòr Ostaig: “Tha a’ cholaiste air cliù a chosnadh mar àite air leth freagarrach airson tachartasan de gach seòrsa a bhios a’ gabhail àite fad na bliadhna agus an uiridh bha còrr is 7,000 duine a’ frithealadh nan co-labhairtean, cuirmean-ciùil, agus oidhcheannan film is dràma a chaidh a chumail againn. Tha seo a’ cur gu mòr ri obair acadaimigeach an t-Sabhail agus beatha nan oileanach agus bha e cho math an uiread bhon choimhearsnachd fhaicinn còmhla rinn a-rithist aig a’ chiad Fhèill Ghàidhlig”.

Thuirt Janni Diez, Oifigear Leasachaidh Cànain Sabhal Mòr Ostaig: “Bha latha sgoinneil againn agus bha spòrs gu leòr aig a h-uile duine. Tha e cho cudromach gum bi cothrom aig daoine Gàidhlig a bhruidhinn ri chèile aig tachartasan mar seo. Chan eil an cothrom aig a h-uile duine agus tha e cudromach tachartasan neo-fhoirmeil tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh gus an cànan a chumail mar chànan bheothail na coimhearsnachd agus misneachd nan daoine a thogail.”

Thuirt Una NicLeòid às an Teanga ann an Slèite, a bha an làthair aig an Fhèill: “Chaidh mi dhan chlas aig Cailean MacIllEathain airson ionnsachadh mu bhith togail dhealbhan camara agus bha sin uabhasach mhath. Chòrd an latha rium gu mòr. Bha a h-uile duine cho càirdeil agus dh’obraich a h-uile rud bha iad air cur air dòigh fìor mhath. Tha mi an dòchas gun cùm iad fèill eile an ath bhliadhna.”