The Donald Meek Award 2012

0
Have your say

THE Gaelic Books Council is inviting submissions from Gaelic writers for the Donald Meek Award 2012.

The Donald Meek Award was established in 2010 with financial assistance from Bòrd na Gàidhlig and Creative Scotland and aims to encourage and support Gaelic writers in their craft with a prize of £5,000 for new writing of any genre.

Rosemary Ward, Director of the Gaelic Books Council said: “The Donald Meek Award is an annual competition which seeks to encourage new and creative Gaelic writing and we are seeking new works in a variety of genre from emerging and established Gaelic writers.

“We are interested in receiving new Gaelic creative works – poetry, short stories, novels or drama – which are as yet unpublished but are nearing completion and could be progressed to publication.

“We will also accept academic works and research studies which though not necessarily written in Gaelic have a Gaelic subject matter, as long as they have not been published before the closing date.”

You can receive further information on the Donald Meek Award from Rosemary Ward, Director, The Gaelic Books Council, or on the website, www.gaelicbooks.org. Applications must be submitted no later than Friday 27 April.

Duais Dhòmhnaill Meek 2012

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ sireadh thagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson farpais Duais Dhòmhnaill Meek 2012.

Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek a’ stèidheachadh ann an 2010 le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus bho Alba Chruthachail le sùil gum misnich is gun cuidich i sgrìobhadairean Gàidhlig. Tha luach £5,000 ga thairgse airson sgrìobhadh Gàidhlig de dhiofar gnè.

Thuirt Rosemary Ward, Ceannard, Chomhairle nan Leabhraichean:

“ ‘S e farpais bhliadhnail airson sgrìobhadh ùr Gàidhlig a bhrosnachadh a th’ ann an Duais Dhòmhnaill Meek agus tha sinn a’ sireadh thagraidhean bho measgachadh de sgrìobhadairean ùra agus stèidhichte.

“Tha sinn a’ lorg sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig – bàrdachd, sgeulachdan, nobhail no drama - a bhios aig meudachd leabhar no faisg air, nach deach fhoillseachadh fhathast. Gabhaidh sinn cuideachd ri obair rannsachaidh air cuspair a bhuineas dhan Ghàidhlig fhads nach deach fhoillseachadh ro ceann-latha an fharpais.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Duais Dhòmhnaill Meek bho Rosemary Ward, Ceannard, Chomhairle nan Leabhraichean no air an làrach-lìn www.gaelicbooks.org. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro dheireadh an latha air Dihaoine 27 Giblean 2012.