5 Latha de Ghnìomhan Gàidhealach

0
Have your say

Chaidh tachartas ùr ‘5 Latha’ a chumail le Fèisean nan Gàidheal bho chionn greis anns na Gearrannan, Eilean Leòdhais, le blasad diofraichte bhon obair àbhaisteach aig a’ bhuidhinn.

Bha 16 com-pàirtichean bho air feadh na dùthcha an làthair ‘s iad a’ faighinn cothrom ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig mu obraichean traidiseanta nan Gàidheal.

Am measg nan cur-seachadan air an toirt seachad le muinntir na coimhearsnachd timcheall air na Gearrannan bha an òigridh an-sàs ann an obair chaorach is chruidh, buain mòine, iasgach agus a’ Chlò Mhòr a bharrachd air a bhith ag ionnsachadh ceòl is òrain tron t-seachdain bhon luchd-ciùil ainmeil Iain MacPhàrlain agus Norrie MacÌomhair.

Mar a mhìnich Calum Ailig Mac a’ Mhaolain, Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal: “Bha beachd againn cothrom a thoirt do dhaoine òga a bhith mar phàirt de choimhearsnachd Ghàidhlig agus a bhith ag ionnsachadh mu na h-obraichean a bha, agus a tha fhathast, cudromach ann am beatha nan Gàidheal, a’ cleachdadh na Gàidhlig far an t-siubhail.”

Thuirt an t-Oll Alasdair Allan, Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànain Alba: “Bha mi air leth toilichte cothrom fhaighinn a bhith mar phàirt den tachartas sònraichte a bha a’ gabhail àite an seo sna h-Eileanan an Iar. Tha Riaghaltas Alba air a chur romhpa suidheachadh seasmhach a dhaingneachadh don Ghàidhlig sna bliadhnaichean ri teachd, agus aig a’ cheart àm ag aithneachadh an àite a th’ aig coimhearsnachdan Gàidhealach ann a bhith a’ coileanadh seo.”

“’S e cothrom air leth a bh’ ann an 5 Latha do luchd-labhairt na Gàidhlig, ‘s e a’ toirt cothrom do sgoilearan bho air feadh Alba sgilean traidiseanta ùra ionnsachadh ‘s iad a’ fuireach ann an eilean a tha air a bhogadh ann an dualchas na Gàidhlig. ‘S e coimhearsnachd Ghàidhlig an t-àite as fheàrr airson nan sgilean ùra seo ionnsachadh, far a bheil na sgilean seo fhathast am follais san latha an-diugh.

“Bu mhath leam meala-naidheachd a chur air Fèisean nan Gàidheal airson na tachartasan seo a chur air dòigh, agus tha mi an dòchas gun robh spòrs aig a h-uile duine a bha an sàs.”

Tha Fèisean nan Gàidheal taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson maoineachaidh bhon Sgeama Thachartasan Còmhnaidh aca.

Thuirt Leasaiche Cànain Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag, “Tha am Bòrd air a bhith ag obair le diofar bhuidhnean air feadh Alba gus prògram taic ùr a chur air dòigh do dheugairean gu sònraichte, far am bi iad a’ gabhail pàirt ann an tachartasan spòrsail tro mheadhan na Gàidhlig.  Tha e deatamach gu bheil inbhich òga misneachail agus sgileil againn, gus ar cànan a chleachdadh agus a bhrosnachadh anns na bliadhnaichean ri teachd.”

Thàinig an t-seachdain gu crìch Dihaoine 13mh Giblean le Cèilidh Teaghlaich ann an Talla Choimhearsnachd Chàrlabhaigh far an robh deagh shluagh an làthair airson èisteachd ri com-pàirtichean 5 Latha agus seinneadairean bhon sgìre.