BT Alba a’Leantainn le taic a thoirt do dheasbad Gaidhlig nan Sgoiltean

0
Have your say

Tha Comataidh Stiùiridh Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Sgoiltean toilichte ainmeachadh gu bheil BT Alba air aontachadh leantainn le bhith a’ cumail taic ris an Deasbad.

‘S e fìor dheagh naidheachd a tha seo airson an Deasbad agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil BT Alba a’ toirt seachad taic fad trì bliadhna deug a-nise. ‘S e cothrom air leth a tha anns an Deasbad, a tha fosgailte do sgoilearan àrd sgoil bho air feadh Alba, coinneachadh ri òigridh eile agus aig an aon àm leasachadh a thoirt air na sgilean deasbad agus còmhraidh aca. Tha an Deasbad air a dhol bho neart gu neart on a thòisich e agus tha e a-nise air fhaicinn mar phàirt chudromach den bhliadhna acadaimigeach. Thuirt Calum Iain MacLeòid, Cathraiche na Comataidh Stiùiridh:

“Tha sinn air toilichte dha rìreabh gu bheil BT Alba deònach taic a thabhann. Aig an àm dhuilich a tha seo a thaobh ionmhais, tha sinn taingeil gu bheil BT Alba air a bhith cho fialaidh bliadhna as dèidh bliadhna. As aonais an taic-airgid bhiodh e do-dhèanta dhuinn na sgoilearan a thoirt còmhla ‘s an dòigh seo. Tha e na thlachd a bhith a’ sàs anns a’ chomataidh seo agus a’ faicinn an leasachadh a tha a’ gabhail àite gach bliadhna. Tha e na mhisneachd mhòr dhuinn agus tha mi làn chinnteach gum bi Deasbad 2011 a cheart cho soirbheachail ri na bliadhnaichean eile”.

Thuirt Liz Turner, Manaidsear Dleastanasan Chorporra BT Alba:

“Tha BT Alba toilichte taic a chur ri Deasbad 2011. Tha sinne gu mòr airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus tha an airgead seo, a tha na phàirt de phrògram foghlaim farsaing a tha a’ cuideachadh òigridh air feadh na dùthcha, a’ dèanamh feum mhòr ann an leasachadh a thoirt air sgilean conaltraidh an ginealach a tha ri teachd”.

Cuideachd, tha Comunn na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, MG Alba, BBC Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011.