Dùthaich gun chànan, dùthaich gun anam

editorial image
0
Have your say

A’ chiad Duais Bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite air a bhuileachadh air dithis bhàrd Chaidh a’ chiad Duais Bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite a bhuileachadh air dithis bhàrd.

Chaidh an fharpais a stèidheachadh le Sir Iain MacDhòmhnaill Shlèite mar chuimhneachan air an nighinn aige, Deborah, a chaochail an-uiridh.’S iad Eòghann MacEanraig, leis an dàn ‘Foghar nan Gallan’, agus Eòghan Stiùbhart, leis an dàn ‘Panolis Flammea’, a tha le chèile air an duais a ghleidheadh.

Thuirt Sir Iain MacDhòmhnaill: “Tha an dà dhàn a roghnaich na britheamhan dha-rìribh brèagha agus tha mi a’ faicinn carson a bha e cho doirbh aon seach aon dhiubh a chur air thoiseach air an fhear eile. Bha an nighean phrìseil againn fada ro òg nuair a chaochail i, agus tha an dà dhàn seo nan cuimhneachan ealanta dhuinn oirre. Bu mhath leinn taing a thoirt don fheadhainn a sgrìobh faclan cho àlainn is brìoghmhor aig àm cho duilich dhuinn. ’S e cuspair na bliadhna sa, ‘Craobh air tha air leth-fhàs’.”

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, am Proifeasair Boyd Robasdan: “Bha sinne aig an t-Sabhal glè thoilichte nuair a thàinig Sir Ian thugainn leis a’ bheachd gun robh e airson farpais a chur air chois airson bàrdachd ùr Ghàidhlig mar chuimhneachan air a nighinn Deborah agus ghabh sinn gu toileach ris a’ chuireadh aige an fharpais a chur air dòigh. Bha e na bhrosnachadh gun do nochd uimhir de sgrìobhadairean ùidh san fharpais agus gun deach 18 dàn ùr a chruthachadh.

Tha e na thoileachas gur e dithis a bha nan oileanaich aig a’ Cholaiste a ghlèidh an duais eatorra.” Thuirt aon de na britheamhan air an fharpais an Dr Meg Bateman: “Bha mi fhìn is na britheamhan eile, Màiri Sìne Chaimbeul is Mark Wringe, air leth toilichte gun tàinig uiread de dhàin a-steach dhan cho-fharpais seo, is gach dàn a’ dèanamh ceangal nàdarrach dùthchasach eadar ìomhaigh na craoibhe air leth-fhàs agus bàs tràth na h-ìghne. Bha dà dhàn ge-tà a thug bàrr air an fheadhainn eile, an dà chuid airson am bòidhchid fhèin agus airson an sòlas a thairg iad.”

’S ann à Loch Abar a tha an neach-ciùil agus seinneadair Eòghann MacEanraig agus chaidh a bhogadh ann an ceòl agus dualchas na sgìre nuair a bha e glè òg. Bha e greis a’ cluich air feadh an t-saoghail na bhall den Battlefield Band ach ’s ann cuide ri Mànran - an còmhlan a stèidhich e fhèin ’s grunn charaidean ann an 2010 - a bhios e a’ cur seachad a’ mhòr-chuid den ùine a-nis.

’S e tidsear Gàidhlig a th’ ann an Eòghan Stiùbhart ann an àrd-sgoil ann an Taobh Sear Rois. Thogadh e ann an Siorrachd Pheairt agus Inbhir Nis, agus tha a mhàthair à Leòdhas le buinteanas làidir don Eilean Sgitheanach. Bha e na oileanach aig SMO o chionn trì bliadhna deug.

Chaidh na duaisean a thoirt seachad le Sir Iain MacDhòmhnaill, Cathraiche Urras Fearann Chlann Dòmhnaill, aig Taigh-tasgaidh nan Eilean, Caisteal

Armadail air Disathairne (3 Dàmhair).