Gaelic Books Council invites submissions from Gaelic writers for the Donald Meek Award 2015

0
Have your say

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ sireadh thagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson farpais Duais Dhòmhnaill Meek 2015.

Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek a’ stèidheachadh ann an 2010 le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus bho Alba Chruthachail le sùil gum misnich is gun cuidich i sgrìobhadairean Gàidhlig

Thuirt Rosemary Ward, Ceannard, Chomhairle nan Leabhraichean: “ ’S e farpais bhliadhnail airson sgrìobhadh ùr Gàidhlig a bhrosnachadh a th’ ann an Duais Dhòmhnaill Meek agus tha sinn a’ sireadh thagraidhean bho measgachadh de sgrìobhadairean ùra agus stèidhichte. Thàinig leudachadh air an fharpais ann an 2014 nuair a chuir Bòrd na Gàidhlig taic ri dà dhuais ùr; duais airson A’ Chiad Leabhar (le sgrìobhadair ùr) agus duais eile airson Leabhar – Airidh air Moladh. Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ lorg sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig – bàrdachd, sgeulachdan, nobhail no drama - a bhios aig meudachd leabhar no faisg air, nach deach fhoillseachadh fhathast. Gabhaidh sinn cuideachd ri obair rannsachaidh air cuspair a bhuineas dhan Ghàidhlig fhad ‘s nach deach fhoillseachadh ro ceann-latha an fharpais.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Duais Dhòmhnaill Meek bho Rosemary Ward, Ceannard, Chomhairle nan Leabhraichean no air an làrach-lìn www.gaelicbooks.org. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro dheireadh an latha air Dihaoine 3 Giblean 2015.