International acclaim for Sabhal Mòr Ostaig’s short courses

Australian performance artist Ariel Killick who attended a short course at Sabhal M�r Ostaig in the summer''
Australian performance artist Ariel Killick who attended a short course at Sabhal M�r Ostaig in the summer''

Students from 22 countries have attended Sabhal Mòr Ostaig’s short course programme this summer which runs from May to August each year.

The short courses in Gaelic and traditional music began at Skye’s Gaelic college in 1973 and now over 700 people annually attend Sabhal Mòr each summer to learn a host of different skills. Courses include Gaelic, drama, fiddle, accordion, step-dancing, piping, piano, whistle and singing and are delivered by a talented and well-known team of tutors.

Speaking of their success and international flavour, Short Courses Manager, Alasdair MacKay, said: “We are very happy with the short courses that we have been running so far this year and particularly with the number of students that have been coming to the College in order to partake in a course.

“Each year the SMO short course timetable gets better and more diverse and we have had many new courses in 2012. It always amazes me just how committed our students are and the effort they make to come to SMO for a week’s tuition.’

“This year, this has been evident in how popular the courses have been and the incredibly high number of international students we have had coming to study at the College.

“We hope that the courses we are planning to run in 2013 will be better again with a wider range of new courses and subject choices running throughout the year and through this we hope to attract many first time short course students and we’ll also ensure that a warm welcome awaits those who will be returning for another year.”

Tha oileanaich à 22 diofar dhùthchannan air tadhal air Sabhal Mòr Ostaig as t-samhradh seo agus iad a’ dèanamh aon de na cùrsaichean goirid a tha ruith eadar an Cèitean is an Lùnastal gach bliadhna.

Thòisich cùrsaichean goirid ann an Gàidhlig is ceòl traidiseanta aig a’ cholaiste ann an 1973 agus a-nis bidh còrr is 700 duine a’ tighinn dhan cholaiste a dhèanamh aon de na cùrsaichean goirid a h-uile samhradh. Am measg nan cuspairean a thathar a’ teagasg tha dràma, Gàidhlig, an fhidheall, am bogsa, dannsa ceum, seinn, pìobaireachd, piàna, an fhìdeag agus iomadh nì eile agus iad uile air an teagasg le feadhainn de na h-oidean as comasaich a th’ ann.

A’ bruidhinn air soirbheachadh nan cùrsaichean goirid agus mar a tha iad a’ tarraing dhaoine bhon a h-uile ceàrnaidh, thuirt Alasdair MacAoidh, Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid: “Tha sinn uabhasach toilichte leis na cùrsaichean goirid a tha air a bhith againn gu ruige seo am-bliadhna agus gu h-àraidh leis an àireamh de dh’oileanaich a tha air tighinn don Cholaiste airson cùrsa a ghabhail.

“Gach bliadhna, tha clàr-ama nan cùrsaichean goirid SMO a’ fàs nas fhèarr is nas fharsaing le meall de chùrsaichean ùra air a bhith againn ann an 2012. Tha na h-oileanaich againn cho dìcheallach agus tha e an-còmhnaidh a’ cur iongnadh orm an oidhirp a tha gach oileanach a’ dèanamh airson seachdain ionnsachaidh a chur seachad aig SMO. Am-bliadhna, tha sin air a bhith follaiseach leis an àireamh a bh’ againn an seo is cho pailt ’s a bha na h-oileanaich a bh’ againn bho thall-thairis.

“Tha sinn an dùil gum bi na cùrsaichean goirid a bhios againn ann an 2013 nas fhèarr a-rithist le cuspairean diofraichte is barrachd chùrsaichean a’ ruith tron bhliadhna air fad is gum faic sinn tòrr oileanaich ùra is bidh fàilte mhòr air na h-oileanaich a thilleas.”