New music facility in Skye

Pictured at the opening of the new recording studio at Sabhal M�r Ostaig on the Isle of Skye are Donnie Munro, Head of Development at the College and Lisa Moyes, graduate of the BA (Hons) in Gaelic and Traditional Music degree
Pictured at the opening of the new recording studio at Sabhal M�r Ostaig on the Isle of Skye are Donnie Munro, Head of Development at the College and Lisa Moyes, graduate of the BA (Hons) in Gaelic and Traditional Music degree

The new recording and music facility, Stiùidio Ostaig at Sabhal Mòr Ostaig, was opened yesterday, providing the Gaelic college and the community of Sleat on Skye with one of the premier recording studios in Scotland.

The new studio and recording facilities provide professional musicians and community members with a high-spec, industry-standard environment to record their music, and will also serve as a training resource for college students who are on the degree programme for Gaelic and Traditional Music.

Musicians using Stiùidio Ostaig will also be able to make use of the college’s various performance and rehearsal spaces, as well as Sabhal Mòr’s catering facilities and accommodation. The studio also boasts one of the largest ‘live’ rooms in Scotland.

Dave Thompson MSP for Skye, Lochaber and Badenoch, who opened the new studio, said: “I’m delighted to have been invited to open the new Stiùidio Ostaig at Sabhal Mòr Ostaig. It is a place that I have visited many times over the years, both in an official capacity and as a student of the Gaelic short courses which I thoroughly enjoyed.

“The studio and the college are fantastic assets for Sleat, Skye and Scotland, and it is pleasing to see Sabhal Mòr continue to expand and develop. I very much support the college and developments such as Stiùidio Ostaig, and so does the Scottish Government.”

Sabhal Mòr has offered short courses in music for many years, and has been the venue for many concerts and ceilidhs since it was established in 1973. In 2006, the first full-time degree course in music was established through the medium of Gaelic at the college, the BA in Gaelic and Traditional Music, and the degree was expanded to an honours course in 2010.

Dr Decker Forrest, Director of the Music Programme at SMO, said: “The music programme was a natural development for Sabhal Mòr Ostaig considering that many excellent musicians have studied or taught at the college over the years.

“The programme comprises some of the worlds’ finest Gaelic-speaking musicians and academics, including Christine Primrose, Dr John Purser, Prof. Hugh Cheape, Allan Henderson, Ingrid Henderson and Fergie MacDonald, and state-of-the-art facilities, like Stiùidio Ostaig, ensure that students are given the best training possible for a variety of career options within the music industry.”

One of the aims is that the studio will provide local and college-based musicians and sound engineers with contract opportunities through the various recording projects which will take place and that musicians from across the globe will make use of the studio and the local talent.

It will also enable students and members of the community to undertake recordings in a fully professional and supported environment. In order to mark the opening of the studio, a new CD was produced and recorded by Studio Manager Allan Henderson, which features students and musicians associated with the college and its music courses.

Mr Henderson said: “The new studio is a fantastic facility, and I hope that the people of Sleat and the community as a whole will see the benefit of this.

“We are confident that our technical specifications are every bit as good as anything you would find in an urban recording studio, or anywhere else for that matter, and our ‘live room’ is as big as anything you would find in Scotland today. Because of this, we believe the studio would be ideal for larger ensembles like Gaelic choirs or pipe bands, although we are happy to tackle any kind of project. There is no job to big or too small.”

Stiùidio Ostaig a’ cur ceòl aig cridhe na colaiste agus na coimhearsnachd

Chaidh Stiùidio Ostaig, an goireas clàraidh is ciùil ùr, fhosgladh an-dè (29.3.12) agus e a’ stèidheachadh goireas ciùil cho math ri gin ann an Alba sa cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, agus ann an coimhearsnachd Shlèite.

Tha an stiùidio clàraidh ùr – a chosg £80,000 agus a fhuair taic bho Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa – na ghoireas air leth a bheir cothrom do luchd-ciùil proifeiseanta clàradh ann an àrainneachd làn-uidheamaichte is iomchaidh, agus bidh e cuideachd na àite trèanaidh airson oileanaich na colaiste a tha a’ dèanamh ceum ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.

Gu h-eu-coltach ris a’ mhòr-chuid de stiùidiothan, tha an stiùidio aig cridhe colaiste anns a bheil farsaingeachd de ghoireasan feumail. Mar sin, ma tha àite a dhìth gus ceòl a chluich no a dhol thairis air pìosan ciùil, tha seòmraichean is tallaichean freagarrach aig a’ cholaiste, agus tha goireasan-bìdh agus àiteachan-fuirich am pailteas ann cuideachd. Agus tha an seòmar ‘beò’ san stiùidio air aon den fheadhainn as motha ann an Alba.

Bha am Ball Pàrlamaid airson an t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach, Dàibhidh MacThòmais an làthair gus an stiùidio fhosgladh: “Tha na thoileachas mòr dhomh gun deach iarraidh orm Stiùidio Ostaig fhosgladh aig Sabhal Mòr Ostaig. ’S iomadh turas a thadhail mi air a’ cholaiste thar nam bliadhnaichean, an dà chuid mar neach-poilitigs agus mar oileanach air aon na cùrsaichean goirid Gàidhlig, a chòrd rium gu mòr. ’S e goireas air leth a th’ anns an Stiùidio seo don cholaiste, do Shlèite, don Eilean Sgitheanach agus do dh’Alba, agus tha e math fhaicinn gu bheil Sabhal Mòr a’ cumail air ga leudachadh agus ga leasachadh. Tha mo làn-thaic air cùl na colaiste agus leasachaidhean ùra mar an stiùidio seo, agus tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ cur an làn-thaic rithe.”

Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith tabhann chùrsaichean goirid ann an ceòl fad iomadh bliadhna, agus ’s iomadh cuirm is cèilidh a chaidh a chumail ann an tallaichean na colaiste bhon a chaidh a stèidheachadh ann an 1973. Ach gu 2006, cha robh cùrsa làn-ùine ann an ceòl ga theagasg aig a’ cholaiste. B’ ann an uair sin a thòisich an Ceum ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, agus chaidh sin a leudachadh gu bhith na cheum le urram ann an 2010.

Thuirt Dr Decker Forrest, Stiùiriche a’ Phrògraim Chiùil aig SMO: “Nuair a thòisich an ceum ann an ceòl aig Sabhal Mòr Ostaig bha e a’ togail air na ceanglaichean làidir a tha air a bhith aig a’ cholaiste o chionn bhliadhnaichean le luchd-ciùil agus ceòl. Sa phrògram de chùrsaichean ciùil againn tha cuid den luchd-chiùil, seinneadairean agus sgoilearan ciùil as fheàrr a th’ ann againn a’ teagasg, leithid Christine Primrose. Dr Iain Purser. An t-Ollamh Ùisdean Cheape, Ailean MacEanraig, Ingrid NicEanraig agus Fergie Dòmhnallach. Nì goireas air leth mar Stiùidio Ostaig cinnteach gum faigh na h-oileanaich trèanadh fìor mhath a bheir cothrom dhaibh a dhol an sàs ann an caochladh dhreuchdan ann an gnìomhachas a’ chiùil.”

Thathar an dùil gum bi luchd-ciùil is innleadairean-fuaime ionadail a’ faighinn chothroman cosnaidh bho chuid de na pròiseactan clàraidh a thèid a chumail san stiùidio agus gun tarraing e luchd-ciùil bho air feadh an dùthcha agus bho thall-thairis. Cuideachd, bheir e an comas do dh’oileanaich agus do mhuinntir na coimhearsnachd ceòl is eile a chlàradh ann an àrainneachd phroifeiseanta le taic iomchaidh. Gus am fosgladh a chomharrachadh, chaidh CD ùr a chlàradh san stiùidio fo stiùir Manaidsear an Stiùidio, Ailean MacEanraig, agus oileanaich agus luchd-ciùil aig a bheil ceangal ris a’ cholaiste agus na cùrsaichean-ciùil a’ nochdadh air.

Thuirt Mgr MacEanraig: “’S e sàr ghoireas a th’ anns an stiùidio ùr, agus tha mi an dòchas gum bi muinntir Shlèite agus a’ choimhearsnachd air fad a’ faighinn buannachd às. Cuideachd, tha sinn gu math cinnteach gum bi an teicneòlas a th’ againn cho math ri rud sam bith a gheibh thu sna bailtean mòra, neo àite sam bith eile. Chan fhaigheadh tu nas motha na ‘live room’ a th’ againn ann an àite sam bith ann an Alba, agus mar sin, tha sinne den bharail gum bi an stiùidio seo gu math freagarrach son còisirean, còmhlanan pìoba agus pròiseactan den t-seòrsa sin. Ach, bidh sinn gu math toilichte pròiseact sam bith a ghabhail. Chan eil e gu diofar dè cho mòr no cho beag agus a tha pròiseact clàraidh, faodaidh iad Stiùidio Ostaig a chleachdadh.”