Santa A’Tadhal Air Croileagain An Taobh Siar

0
Have your say

Bha faisg air 60 cloinne bho cròileagain Taobh Siar Leòdhais an làthair aig tachartas Nollaige, a bh’air a chuir air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais am com-pairteachas le Comunn na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar.

Bha clann bho cròileagain Nis, Bhuirgh, Bharabhais, Shiabost agus Bhreascleit an làthair Diardaoin a chaidh (an 15mh) an Talla Choimhearsnachd Sgire Airidhantuim airson an tachartas.

Thug seo cothrom dhaibh coinneachadh ri chèile, a bhith ag obair sa cluich còmhla agus a h-uile dad tron Ghàidhlig. Bha iad an sàs ann an ioma seòrsa spòrs agus cothrom aca còig diofar bùthtean-obrach a fhrithealadh.

Sna seachdainean ron tachartas, bha a’ chlann air fad air òran ùr ionnsachadh, ‘Bidh iad a’ tighinn air Oidhche Nollaig’ agus abair gu robh spòrs aca, agus iad ga sheinn còmhla airson a’ chiad uair.

Chruthaich iad mìosachan 2012 agus cairtean Nollaige; chuala iad sgeulachd Nollaig air a leughadh dhaibh, agus ghabh iad pàirt ann am beagan dràma cuideachd! Bha uine aca air fhagail airson grèim bidhe an uairsin mus tàinig Santa a cheilidh orra, le tiodhlac beag dhaibh uile!

Chaidh an tachartas a’ stiùireadh le Marina Mhoireach agus Iona Nic an t-Sagairt le taic air an là bho Anna Mhoireach, Màiri Mhoireasdan, Marie Nicleòid, Kayanna Mhoireadain agus Iain M Mac a’ Mhaoilein.

Chaidh na cosgaisean am pàigheadh le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, Comunn na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar.

Around 60 children from the West Side cròileagain, attended a Christmas party organised by Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais in partnership with Comunn na Gàidhlig and Comhairle nan Eilean Siar in the Clan Macquarrie Hall, Borve.

Children from the Ness, Borve, Barvas, Shawbost and Breascleat cròileagain attended the event last Thursday (15th Dec).

The event gave the groups an opportunity to meet, to work and play together, all in Gaelic.

They had the opportunity to try out various types of activity, by participating in five different workshops.

In the weeks building up to the event, all the children had learned a new song – ‘Bidh iad a’ tighinn air Oidhche Nollaig’ and they had great fun singing it altogether for the first time; they made 2012 Calendars and Christmas cards; a Christmas story was read out to them and they also took part in some drama!

They were then treated to a festive feast before Santa arrived to visit and hand out some special gifts!

The event was organised by Marina Murray and Iona Mactaggart and workshop leaders on the day were Anna Murray, Mairi Morrison, Marie Macleod, Kayanna Morrison and Iain M Macmillan.

The event was funded by Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, Comunn na Gàidhlig and Comhairle nan Eilean Siar.