Seachdain nan Òganach 2011

The youngsters enjoyed the week.

The youngsters enjoyed the week.

0
Have your say

Chaidh Seachdain nan Òganach 2011 a chumail air a’ chiad seachdain dhen Lùnastal.

Bha dà sheisean air a chur air dòigh am-bliadhna; ann an Dalabrog anns a’ mhadainn agus ann am Baile a’ Mhanaich gach feasgar. Bha 35 duine-cloinne an làthair eadar an dà àite agus iad siud eadar 3-6 bliadhna a dh’aois.

Fhuair an òigridh cothrom a dhol an sàs ann am mòran rudan spòrsail tro mheadhan na Gàidhlig; dràma, ealain, seinn agus geamannan nam measg. Dh’obraich iad air fad gu math cruaidh, le taic bho Anne Marie NicDhòmhnaill, agus chaidh consart bheag a chur air dòigh air an Dihaoine airson cothrom a thoirt dha na teaghlaichean aig an òigridh tighinn a choimhead air na bha iad air a bhith a’ dèanamh.

Dh’ionnsaich an òigridh mòran agus chòrd an t-seachdain riutha fhèin air fad agus ris na h-inbhich a bha an sàs.