A’ Ghàidhlig a’ cunntadh sa chunntas-sluaigh

Mar a tha latha a’ Chunntais-sluaigh a’ tighinn dlùth air 27 Màirt 2011, tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur meal-a-naidheachd air Oifis a’ Chunntais-sluaigh ann an Alba airson an iomairtean a thaobh foillseachaidh air a’ Chunntas-sluaigh agus gu h-àraid air na ceistean co-cheangailte ri Gàidhlig. Tha Oifis a’ Chunntais air bileagan Gàidhlig/Beurla a chruthachadh, air bùithtean-obrach a chur an gnìomh gus taic a thoirt do dhaoine am foirmean cunntais a lìonadh a-steach ann an Gàidhlig air-loidhne, agus air sgrùdadh-cùise a chlàradh air an làraich-lìn aca gus cleachdadh air dàta cunntais a thaisbeanadh ann an cur Plana Nàiseanta na Gàidhlig ri chèile.

Tha Ceist 16 sa Chunntas a’ toirt cothrom do gach neach ann an Alba clàradh an urrainn dhaibh a’ Ghàidhlig a thuigsinn, a labhairt, a leughadh no a sgrìobhadh. Ann an Ceist 18, faodaidh daoine a chlàradh cuideachd ma tha iad a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh, oir tha a’ cheist a’ faighneachd a bheil iad a’ cleachdadh cànan eile seach Beurla san dachaigh. Tha gach ceist buntainneach do dh’inbhich agus do chloinn, do dh’fhileantaich dùthchasach agus do luchd-ionnsachaidh.

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh: “Tha e glè chudromach gum fiosraich daoine don Chunntas ma tha comas aca ann an Gàidhlig agus ma tha iad a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh. Faodaidh pàtranan a thaobh comas sa chànan agus cleachdadh san dachaigh air feadh Alba a bhith glè eadar-dhealaichte, a rèir nan àireamhan agus aoisean dhaoine ann an dachaighean, eadar gu bheil aon neach, dithis no barrachd dhaoine le Gàidhlig, no fiù suidheachaidhean far a bheil clann le Gàidhlig a tha a’ faotainn foghlam tron Ghàidhlig ged a bhiodh daoine eile san dachaigh gun Ghàidhlig sam bith no le glè bheag de Ghàidhlig. Tha an toinneamh seo sa ghnothach ga dhèanamh fiù ’s nas cudromaiche gum bi an cothrom againn air an fhìor dhealbh a chur ri chèile, gus am bi sinn fhìn agus solaraichean eile sheirbheisean is ghoireasan comasach air dèiligeadh leis an t-suidheachadh mar a tha e.

Aig coinneamh o chionn ghoirid, dhaingnich am Bòrd cudromachd a’ Chunntais a thaobh a bhuaidh air a’ Ghàidhlig. Tha am Bòrd air taic a chur ri Oifis a’ Chunntais ann an diofar dhòighean ann a bhith a’ foillseachadh a’ Chunntais; air ìmpidh a chur air daoine am foirm Cunntais aca a lìonadh a-steach; clàradh ann an Ceist 16 ma tha comas aca ann an Gàidhlig, agus ann an Ceist 18 ma tha iad a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh aig àm sam bith. Tha sinn cuideachd a’ brosnachadh dhaoine gus am foirm a lìonadh sa Ghàdhlig air-loidhne.

Bidh buaidh chudromach aig na figearan sna toraidhean air, chan ann a-mhàin riarachadh ghoireasan airson pròiseactan Gàidhlig agus foghlam Gàidhlig, ach air tuigse dhaoine mu staid a’ chànain san fharsaingeachd. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil gach neach le Gàidhlig a’ cunntadh sa Chunntas-sluaigh oir bheir na figearan fianais air am bi sinn a’ stèidheachadh ar poileasaidhean agus ar gnìomhan san àm ri teachd. Dh’iarrainn air neach sam bith aig a bheil ceist mu dheidhinn na dh’fheumas iad a dhèanamh, fios a chur gu Bòrd na Gàidhlig agus bidh sinn toilichte comhairle a thairgsinn air an sin.”