Àrd-stiùiriche, Ionnsachadh is Ceartas, Riaghaltas na h-Alba

0
Have your say

Bidh Leslie Evans, Àrd-stiùiriche Riaghaltas na h-Alba airson ionnsachadh agus ceartas, a’ toirt seachad a’ chiad tè ann an sreath de dh’òraidean saor an asgaidh air ceannardas bho Institiud nan Stiùirichean aig oifis stiùiridh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an Inbhir Nis.

Bidh an òraid a’ gabhail àite Diardaoin 10 Màrt bho 4.30f gu 6.30f aig oifis stiùiridh UHI air Slighe Nis, Inbhir Nis. Bidh ceanglaichean co-labhairt bhideo rim faotainn air feadh an lìonra.

Tha an sreath de dh’òraidean, a tha air a chur air dòigh le meur sgìreil Institiud nan Stiùirichean, fosgailte dhan mhòr-shluagh. Bu chòir suidheachain agus ceanglaichean VC a ghleidheadh le Paul Ellison aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air 01463 279344 neo paul.ellison@uhi.ac.uk

Tha uallach air Leslie Evans airson clann, daoine òga agus theaghlaichean, agus ionnsachadh agus leasachadh sgilean an Alba, a’ gabhail a-steach nam bliadhnaichean tràtha, sgoiltean, cholaistean agus roinn nan oilthighean.

Am measg nan dreuchdan a th’air a bhith aice ann an Riaghaltas na h-Alba tha stiùiriche cultar, chùisean taobh a-muigh agus turasachd; agus uallach airson maoineachadh agus poileasaidh airson riaghaltas ionadail na h-Alba, bhuidhnean gnìomhach agus bhuidhnean poblach neo-roinneil, agus na ro-innleachd ath-leasachadh sheirbheisean poblach.

Mus do thòisich i aig an Riaghaltas, chuir a’ Bh-Uas Evans 20 bliadhna seachad ag obair do dh’ùghdarrasan ionadail, an dà chuid bailteil agus dùthchail, ann an Sasainn agus Alba.

Gheibhear cothrom air an tachartas tro cho-labhairt bhideo agus tha ceanglaichean rim faotainn air feadh a’ chom-pàirteachais.