Bòrd na Gàidhlig a’ Coinneachadh an Leòdhas

0
Have your say

Bidh Bòrd na Gàidhlig, am prìomh bhuidheann an urra ri brosnachadh agus leasachadh Gàidhlig, a bharrachd air a bhith a’ toirt comhairle do Mhinistearan Pàrlamaid na h-Alba, a’ cumail an Coinneamh Bùird ann an Steòrnabhagh an t-seachdain-sa, agus a’ brosnachadh am poball gus com-pàirt a ghabhail leotha le bhith ag innse dè bu mhath leotha a bhith a’ nochdadh anns an ath Phlana Nàiseanta.

Bidh am Bòrd a’ coinneachadh ann an Seòmar Comhairle nan Eilean Siar. Sa bhliadhna a chaidh seachad tha Bòrd na Gàidhlig air taic-airgid a thoirt do chòrr air 300 pròiseact coimhearsnachd air feadh Alba agus leanaidh leasachadh adhartachadh agus taic a chur ri iomairtean coimhearsnachd aig cridhe obair a Bhùird.

Feadh an dà làtha a bhios iad air an eilean coinnichidh am Bòrd le buill Fòram Gàidhlig nan Eilean Siar, Comaitaidh Gàidhlig na Comhairle agus riochdairean coimhearsnachd.

Tha Achd an Gàidhlig (Alba) 2005 a’ cur dleasdanas reachdail air Bòrd na Gàidhlig Plana Nàiseanta Gàidhlig ullachadh a h-uile coig bliadhna as leth Pàrlamaid na h-Alba. Bidh am Bòrd a’ beachdachadh air a’ Phlana fhads a tha iad a’ coinneachadh an Steòrnabhagh, agus thèid dreach fhoillseachadh san Fhoghar le ùine co-chomhairle phoblach fad trì mìosan an dèidh sin. Tha am Bòrd dealasach gus daoine a bhrosnachadh gu bhith conaltradh leotha tro dhuilleig a’ Bhùird air Facebook, no le bhith a’ cur p-dealain thuca aig plana@gaidhlig.org.uk. Bu mhath le Buill measgachadh bheachdan fhaighinn fhads a tha iad a dealbh plana airson seasmhachd do Ghàidhlig an Alba.

Thuirt Cathraiche a’ Bhùird, Art MacCarmaig: “Thairis air an dà bhliadhna gu leth a chaidh seachd tha am Bòrd air a bhith a’ coinneachadh ann an diofar choimhearsnachdan. Anmoch an 2009 choinnich sin an Uibhist far an do thadhail sinn air diofar choimhearsnachdan a bha an sàs ann an obair Ghàidhlig agus tha sinn air leth toilichte a bhith an Steòrnabhagh an turas seo. Bheir seo dhuinn deagh chothrom coinneachadh le daoine agus le buidhnean a tha an sàs an iomadach pròiseact an Leòdhas a tha air taic-airgid fhaighinn bhon Bhòrd.”