Bòrd na Gàidhlig a’ dealbh an t-slighe son foghlam Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ tional bheachdan air an t-slighe air adhart airson foghlam Gàidhlig le còmhraidhean agus deasbad am measg Bhuidhnean Fòcas a bhios a’ cur ris a’ phròiseas ann a bhith a’ stèidheachadh ro-innleachd foghlaim ùr dhan chànan.

Chaidh na Buidhnean Fòcas ùr a stèidheachadh an dèidh coinneimh a bh’ ann air an 27mh den Fhaoilleach den Bhuidheann Stiùiridh Nàiseanta airson Foghlam, far a bheil na buidhnean gu lèir a tha an sàs ann an seirbheisean foghlaim Gaidhlig a’ tighinn còmhla.

Thuirt Stiùiriche Foghlaim agus Ionnsachadh a’ Bhùird Mairi NicIlleMhaoil gu bheil na Buidhnean Fòcas air leth cudromach ann a bhith a’ beachdachadh air an t-slighe air adhart airson Foghlam Gàidhlig.

Thuirt i: “Tha sinn a-nis air tòiseachadh a’ beachdachadh air dè dh’fheumas a bhith anns an ath ro-innleachd nàiseanta airson foghlam mar phàirt dhen deisealachadh airson an ath Phlana Nàiseanta an 2012. Tha sinn aig a’ cheart àm an teis-mheadhain a bhith a’ coileanadh amasan ar Plana Gnìomh Ginealach Ùr na Gàidhlig agus taobh-staigh sin uile, tha na diofar loidhnichean de phoileasaidh a dh’fheumas sinn a shnìomh còmhla airson mìneachadh slighe air adhart a bhios cunbhalach agus seasmhach.”

Thuirt Màiri: “Tha a’ Chiad Bhuidheann Fòcas a’ beachdachadh air na cothroman ann a bhith leasachadh foghlam Gàidhlig. Tha iomadach ceist an sin an-dràsta air a bheil fuasgladh a dhìth. Tha an Dàrna Buidheann a’ breithneachadh air Aithisg Donaldson air luchd-teagaisg agus a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig sin air leasachadh foghlam Gàidhlig. Choinnich sinn airson dà latha airson cùisean a thoirt air adhart agus bha buidhnean leithid Luchd-Sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim (HMIE), Ùghdarrasan Ionadail, Ionnsachadh agus Teagasg Alba (LTS) agus Stòrlann, a bharrachd air na h-Oilthighean an làthair.”

Thèid pàipearan adhartais nis a dheisealachadh airson na h-ath choinneimh den Bhuidheann Stiùiridh Nàiseanta agus bidh na pàipearan seo a’ biathadh a-staigh dhan dàrna ro-innleachd foghlaim.