Bòrd na Gàidhlig air ainmeachadh leasaiche Seirbheisean Corporra ùr

Tha Bòrd na Gàidhlig air Leasaiche Seirbheisean Corporra ùr ainmeachadh an-diugh. Bidh Alasdair MacFhionghuin, a chuir seachad a mhòr-chuid de chosnadh ann an dreuchdan aig àrd-ìre ann an craobh-sgaoileadh ann an Alba, a’ tòiseachadh san dreuchd aig toiseach a’ Ghiblein.

Rugadh agus thogadh Alasdair MacFhionghuin anns na Hearadh sna h-Eileanan an Iar, agus tha e air còrr is fichead bliadhna a chur seachad an ceann a chosnaidh ann an obair craobh-sgaoilidh, ag obair gu sònraichte don BhBC agus do chompanaidhean craolaidh neo-eisimeileach ann an Glaschu, Obar Dheathain, Inbhir Nis, Sealtainn agus Steòrnabhagh. Tha Alasdair an-dràsta ag obair mar Cho-òrdanaiche air Colmcille, pròiseact com-pàirteachais a tha ag amas air tuigse a leasachadh do eugsamhaileachd agus cultar nan coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba ’s an Èirinn, agus a’ cur taic ri deasbad mu dhraghan coitcheann a thaobh cùisean sòisealta, cultarach agus eaconamach.

Chuir Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh fàilte air an fhastaichte ùr san dreuchd, ag ràdh, ”Bidh Alasdair na bhuannachd mhòr dhan bhuidheann oir tha e a’ toirt eòlas farsaing roi-innleachdail ann an leasachadh gnothachais chun na dreuchd, a thuilleadh air coileanadh ann an obair conaltraidh agus eòlas air obair leasachaidh cànain.