Cothroman Ùra do dh’ Oileanaich le Gàidhlig

0
Have your say

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2011 a chuir air bhog, far am bidh iad a’ tabhann cothrom greis gnìomhachais a dhèanamh còmhla ri buidhnean agus gnìomhachasan do oileanach air feadh Alba.

Tha an Sgeama, a tha air a bhith a’ dol gu soirbheachail bho 2002, a’ toirt cothrom do dh’ oileanaich aig a bheil Gàidhlig, a bhith ag obair còmhla ri buidhnean a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd. Tha seo a’ toirt cothrom dhaibh eòlas fhaighinn air a bhith ag obair ann an suidheachadh far an cluinn iad a’ Ghàidhlig ’s far am faigh iad an cothrom a cleachdadh gu cunbhalach. A thuilleadh air a bhith a’ toirt eòlas obrach dha na h-oileanaich, tha an Sgeama cuideachd a’ toirt cothrom cosnaidh dhaibh de dheich seachdainean rè mìosan an t-samhraidh. Tha an Sgeama na cuideachadh mòr do na buidhnean Gàidhlig cuideachd oir tha iad a’ faighinn cothrom sgilean nan oileanach a chur gu feum ann an obair làitheil na buidhne.

Ann an 2010, fhuair 25 oileanach greis gnìomhachais còmhla ri buidhnean an Leòdhas, Uibhist a-Tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a-Deas, An t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann agus am measg nam buidhnean a ghabh pàirt san Sgeama bha Pàrlamaid na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig agus Ùrachadh Uibhist.

Thuirt Dòmhnall MacNeil, Ceannard ChnaG, “Mar bhuidheann a bhios a’ fastadh dhaoine bho àm gu àm, tha e còrdadh ruinne bhi faicinn gum bheil tagraichean air eòlas a choreigin fhaighinn air saoghal na h-obrach. ‘S e rud cudromach a tha sin a chuir ri ceum neo teisteanas foghlam, agus tha an sgeama seo a’ toirt cothrom dha na h-oileanach beagan dhan eòlas sin fhaighinn.”

Thuirt Nial Ros, Ceannard Fàs Coimhearsnachd aig Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean, “S e aon de na dùbhlain a tha romhainn uile anns an sgìre seo cothroman inntinneach agus seasmhach thabhann dhan òigridh, gus an till iad dhan choimhearsnachd an dèidh dhaibh foghlam a leantainn – gu math tric aig deas. Ged nach e dreuchd làn ùine a tha seo, tha e toirt an eòlas sin dhaibh – gum bheil cothroman cosnaidh san sgìre, agus cothroman cosnaidh tron Ghàidhlig.”

Bu chòir do dh’ oileanaich a tha airson pàirt a ghabhail ann an Sgeama na bliadhna-sa iarrtas a chuir gu Comunn na Gàidhlig, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ, ro 25 Màrt 2011. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus Foirmean Iarrtais, thigibh gu làrach-lìn ChnaG aig http://www.cnag.org.uk <http://www.cnag.org.uk/> /iomairtean/oigridh

Bu chòir do bhuidhnean, a tha a’ stiùireadh an gnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig, a tha airson pàirt a ghabhail san Sgeama fios a chuir gu CnaG aig an oifis ann an Inbhir Nis. Fon: 01463 234138 agus P-dealain: oifis@cnag.org.uk

Tha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2011 air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar agus air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig.