Fèisean nan Gàidheal a’ cruinneachadh sa Ghearasdan

Aig deireadh na seachdain seo, bidh 40 neach bho na Fèisean air feadh Alba a’ cruinneachadh sa Ghearasdan airson dà latha thrèanaidh a choileanadh air iomadh cuspair a tha gu feum do luchd-eagrachaidh nam Fèisean.

Tha cuspairean cultarail ann - cànan is ceòl - a bharrachd air bùthan-obrach a tha a’ dèiligeadh ri sàbhailteachd chloinne, lagh, gnothaichean teicnigeach agus a’ cur Fèis air dòigh.

Thuirt Art MacCarmaig, ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Tha seo a’ toirt cothrom air leth math dha na Fèisean a thighinn còmhla agus pàirt a ghabhail ann an trèanadh a tha riatanach dhaibh, agus cuideachd feumail ann an obraichean eile. Tha Fèisean nan Gàidheal gu math toilichte a bhith a’ tabhann seo dhaibh le taic bho Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean.”

Tha muinntir nam Fèisean gu bhith an-sàs ann an Ciad Chobhair, Gàidhlig (aig 4 ìrean), a’ leudachadh fuaim, gnothaichean sàbhailteachd is teicnigeach co-cheangailte ri tachartasan, cùisean laghail agus eagrachaidh, dìon chloinne agus measadh cunnartan, ceòl mar leigheas, agus a’ cur eòlas air Fèisean eile.

Chan e obair chruaidh a-mhàin a tha gu bhith ann, ged-thà, oir tha cèilidh gu bhith aca leis a’ chòmhlan Achnaba oidhche Shathairne cuideachd. Tha Iona NicDhòmhnaill, Oifigear Trèanaidh agus Poileasaidh aig Fèisean nan Gàidheal ga choimhead mar thachartas gu math feumail dha na Fèisean cuideachd: “Tha e math gum faighear cothrom cruinneachadh, ann an dòigh neo-fhoirmeil aig deireadh an latha, ann an deagh chuideachd, agus le ceòl na dùthcha ann. Tha muinntir nam Fèisean ag obair gu math cruaidh gus na Fèisean aca fhèin a ruith, agus tha e freagarrach gum faigh iad rudeigin air ais. Tha e a’ còrdadh riumsa cuideachd daoine fhaicinn – luchd m’ eòlais agus daoine eile – agus am faicinn aig deireadh na seisean a’ dol dhachaidh le barrachd eòlais, beachdan ùra, càirdean ùra air a dhèanamh, agus an dùil tilleadh an ath-bhliadhna.”