Gàidlig a’ tilleadh gu Coilltean na h-Alba

0
Have your say

Tha Bòrd na Gàidhlig air aonta a thoirt do Phlana Gàidhlig Choimisean na Coilltearachd Alba.

Tha am Plana còig bliadhna seo (2010-2015) a’ cur am follais ciamar a thèid a’ Ghàidhlig a chleachdadh leis a’ Choimisean an dèiligeadh leis a’ phoball agus leis na prìomh bhuidhnean-seilbhe.

Thuirt Bob Mac an Tòisich, stiùiriche Choimisean na Coilltearachd Alba: “Tha seo na deagh naidheachd dhuinne agus na ceum mòr a chum àrd-amasan Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

“Tha sinn ann an suidheachadh air leth airson ruighinn air muinntir na h-Alba air fad. Tha am plana a’ cur am follais nan iomadh dhòigh anns an tèid Gàidhlig a chleachdadh sa leithid inbhe chorporra, soidhnichean, bileagan ‘s foillseachaidhean agus làrach-lìn a’ Choimisein.

“Tha àite mòr aig a’ Ghàidhlig an dualchas na h-Alba; ar n-inbhe nàiseanta; beatha cultarail agus fiù ar cruinn-eòlas. Tha an aibidil Ghàidhlig a’ tarraing air ainmean chraobhan na dùthcha agus ’s ann sa Ghàidhlig tha mòran de chruth-tìre na dùthcha air ainmeachadh is comharrachadh.

“Tha sinn air leth toilichte gum faigh sinn a-nis air cur gu mòr ri oidhirpean a dh’ionnsaigh ath-nuadhachadh na Gàidhlig; a’ neartachadh inbhe a’ chànain agus a’ brosnachadh dhaoine gu bhi ga cleachdadh is ga h-ionnsachadh.”

Chaidh Plana Gàidhlig Choimisean na Coilltearachd Alba a chur ri chèile a rèir nan slatan-tomhais reachdail ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, le mothachadh air Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus an stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig.