Òraid-Inntrigidh UHIleis an Àrd-ollamh Richard A. V. Cox

Tha barrachd air 50 bliadhna air a dhol seachad bho chuir an t‑Oll. Magne Oftedal, nach maireann, an clò an t‑alt aige air ainmean bailtean Leòdhais, a chruinnich e am fuaimneachadh aca fhad ’s a bha e air sgoilearachd rannsachaidh ann an Leòdhas, agus e an sàs, eadar an t‑Sultain agus an Dùbhlachd 1950 agus eadar an Giblean agus an Lùnastal 1951, san tràchdas PhD aige air dualchainnt Ghàidhlig Liùrboist.

Às na 126 ainmean air an dèan Oftedal iomradh, tha a’ mhòr mhòr-chuid (79%) air tighinn bho chànan nan Lochlannach; tha timcheall air 9% air tighinn bhon Ghàidhlig; 7% bhon Ghàidhlig ach a’ gabhail a-steach eileamaidean Lochlannais; 2% bhon Bheurla; fhad ’s a tha 4% neo-chinnteach.

Bheir an òraid seo sùil às ùr air a’ chuspair seo, air structar, brìgh agus cudromachd nan ainmean, an dà chuid air cuid Ghàidhlig agus cuid Lochlannais na h‑oighreachd dualchasaich sònraichte seo.

“Ainmean Bailtean Leòdhais”

Diluain 14mh Mart

Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach

4.30f – 6.30f