Sgeama Pìolait Ùr do Luchd-teagaisg

0
Have your say

Tha dusan neach-teagaisg bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt ann am prògram trèanaidh pìolait ùr a chuidicheas leis an iarrtas a tha a’ sìor fhàs airson luchd-teagaisg bun-sgoile is àrd-sgoile aig a bheil Gàidhlig.

Ann an com-pàirteachas ùr eadar Bòrd na Gàidhlig agus Oilthigh Ghlaschu, tha luchd-teagaisg air ceithir latha dian a chur seachad a’ faighinn ionnsachadh anns na diofar thaobhan de leasachadh cànain sa chlasrum. Tha iarrtas airson a’ phrògram air a bhith barraichte agus thathar ag ullachadh mar-thà mu choinneamh an ath phrògram den t-seòrsa seo.

Tha beagan sgilean Gàidhlig aig na com-pàirtichean agus tha iad a’ teagasg gu làithreach tro mheadhan na Beurla. Ach, tha an cùrsa seo mar chiad cheum air a bhith gan ullachadh ann an togail misneachd agus na sgilean riatanach airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim (agus Gàidhlig) sa Chabinet, Mìcheil Ruiseil: “S e naidheachd mhath dha-rìribh a tha seo do theagaisg na Gàidhlig ann an Alba. Tha mise air leth toilichte gu robh an t- iarrtas airson a chùrsa seo cho mòr, gun d’ thàinig air Bòrd na Gàidhlig is Oilthigh Ghlaschu air àitichean a bharrachd a thabhainn. Tha Riaghaltas na h-Alba gu mòr air cùl saoghal a tha seasmhach agus leanntainneach dha Gàidhlig ann an Alba, agus tha ‘n tuilleadh tidsearean, comasach air teagaisg tron chànan, a’ toirt cothrom dhuinn Gàidhlig a chumail iomchaidh ann an Alba an latha an-diugh. Leis an t-Oll. Alasdair Allan a’ toiseachadh ann an dreuchd Ministeir Ionnsachadh agus Sgilean le uallach airson Gàidhlig agus Albais, tha mi a’ coimhead air adhart ri saoghal beòthail do chànain dùthchasach na h-Alba.”

Tha am prògram ceithir-latha seo air cothrom a thoirt do na com-pàirtichean eòlas a chur air na structaran taic a tha rim faotainn ann am foghlam Gàidhlig, a thuilleadh air am misneachd àrdachadh agus a leudachadh airson conaltradh ann an suidheachadh clasruim. Thuirt Morna NicLeòid, Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha an t-seachdain air a bhith air leth soirbheachail. Chomharraich Ùghdarrasan Ionadail luchd-teagaisg le beagan chomasan Gàidhlig, aig a bheil ùidh ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha cothrom aig an luchd-teagaisg a fhritheil an cùrsa seo a dhol air adhart a-nis chun a’ chùrsa STREAP, far am faod iad an cuid Gàidhlig a leudachadh gu ìre a bharrachd. ’S e ceum air adhart a th’ ann do luchd-teagaisg airson misneachd a bhith aca beagan Gàidhlig a chleachdadh nan suidheachaidhean làithreach agus ìomhaigh na Gàidhlig a thogail nan sgoiltean fhèin agus nan roinnean cuspaireil.”

Chuir Gillebrìde MacIlleMhaoil à Oilthigh Ghlaschu ris an sin: “Bha an cùrsa a’ cuimseachadh air leasachadh cànan a’ chlasruim san fharsaingeachd còmhla ri cànan co-cheangailte ri cuspairean sònraichte. Bha a’ chuimse aig toiseach cùise air labhairt a’ chànain gus am fairicheadh luchd-teagaisg cofhurtail nam biodh iad ann an suidheachadh far am faodadh iad beagan Gàidhlig a chleachdadh leis na h-oileanaich aca.”