Sgoilearan nan Eilean Siar air geàrr-liosta duaisean Fiolm G

0
Have your say

Chaidh gearr-liosta Duaisean Fiolm G ainmeachadh ro chuirm na bliadhna seo a thèid a chumail ann an Old Fruitmarket an Glaschu air Dihaoine 18 Gearran 2011.

Aon uair eile bha sgoiltean nan Eilean Siar air an deagh riochdachadh anns an fharpais, a tha a-nis anns an treas bliadhna agus air a ruith le MG Alba. Chuir Comhairle nan Eilean Siar air dòigh obair trèanaidh airson sgrìobhaidh sgriobtaichean, fiolmadh agus deasachadh ann an Sgoiltean nan Eilean Siar. Ann an co-obrachadh le Foghlam Coimhearsnachd agus Museum nan Eilean, tha Sgoil Lionacleit air dà iomradh a chosnadh airson “An Sgriobt as Fheàrr” agus “Mìneachadh as Fheàrr air cuspair a’ Cho-fharpais”. Thuirt Neach-gairm na Comhairle, Ailig A Dòmhnallach:

“Tha mi dha rìreabh toilichte gu bheil sgoilearan nan Eilean Siar air an riochdachadh anns a’ cho-fharpais nàiseanta seo. Anns a’ chiad bhliadhna den fharpais choisinn Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil an duais airson am “Fiolm as Fheàrr” agus an uiridh choisinn Sgoil Lionacleit duais airson an “Sgriobt as Fheàrr”. S e co-fharpais sònraichte math a tha seo, a’ toirt air adhart sgilean nan daoine òga, agus tha na sgoiltean agus na coimhearsnachd rim moladh airson an obair chruaidh a tha iad a’ dèanamh. Tha e a’ soilleireachadh na cothroman a tha ann tro na meadhanan Gàidhlig agus an roinn chruthachail agus tha e na mhisneachd gu bheil na tha seo de dh’òigridh tàlantach anns na h-Eileanan. Bu mhath leam gach soirbheachas a ghuidhe dha na sgoilearan nuair a tha na duaisean ga roinn”.