A' cuimhneachadh air ​Fionnlagh MacLeòid (1937 -  2023)

-
Fionnlagh, mar a bhios cuimhne aig gu leor air - air a' chuairteachadh le leabhraichean. (Dealbh: Fiona Rennie)Fionnlagh, mar a bhios cuimhne aig gu leor air - air a' chuairteachadh le leabhraichean. (Dealbh: Fiona Rennie)
Fionnlagh, mar a bhios cuimhne aig gu leor air - air a' chuairteachadh le leabhraichean. (Dealbh: Fiona Rennie)

Rugadh Fionnlagh a Ghruagain, no Fionnlagh Macleòid mar a dh’ aithnicheadh cuid e, an Adabroc an sgìre Nis ann an 1937. Agus ‘s ann gu machair Thàboist an sgìre Nis a thill e Diardaoin a chaidh.

Dh’fhàs Fionnlagh suas agus chaidh e dhan sgoil a Nis tro bhliadhnachan an darna cogaidh ach cha robh leisg air fhèin innse nach robh air aire ach an sgoil fhàgail cho luath sa ghabhadh. Rinn e sin aig aois 15 agus coltach ri iomadach balach eile aig an àm dh’fhalbh e gu muir a’ chiad chothrom a fhuair e.

Hide Ad
Hide Ad

Às dèidh greiseag dhan a sin smaoinich e fuireach air tìr agus fhuair e obair còmhla ri seirbheis na smàlaidh an Lunnainn. Chunnaic e agus dh’fhoghlam e gu leòr aig an àm sin ’s tha cuimh’ agamsa bliadhnachan mòra às dèidh sin, mi-fhìn ’s e fhèin air turas a Lunnainn às leth Acair agus nuair a bha sinn a’ dèanamh ar slighe chun na seòmraichean-cadail, thionndaidh e agus dh’fhaighnich e am bithinn a’ gabhail aire ri càite an robh na slighean son faighinn a-mach nam biodh teine ann.

Oh arsa mi-fhìn, tha mi a’ coimhead na soidhnichean. Ach, cha b’ e sin am freagairt agus dh’ionnsaich mise leasan an latha sin nach do dhìochuimhnich mi riamh. ’S e sin, nach ann idir nuair a bhios an àite na smàl bu chòir dhut an doras a lorg, ach fada ron sin nuair nach eil èiginn sa chùis.

Bha aig Fionnlagh an uairsin ri chuairt fhèin a ghabhail a’ dèanamh National Service agus roghnaich e dhol gu Feachd an Adhair. Aon latha, ’s e sgìth a’ dèanamh obair gun seadh, chunnaic e sanas a’ lorg feadhainn bha deònach an ainm a chur air adhart son a dhol a dh’àite iomallach far an robh stèisean aig Feachd an Adhair.

Càite an robh an stèisean iomallach, ach ann an Àrd Ùige, an Leòdhas. Cha b’ urrainn dha Fionnlagh creidsinn a dhà chluais nuair a chuala e far an robhas ga chur, agus bha e an Uig gu deireadh an ùine sheirbheis aige. Thog e dàimh ri muinntir an àite agus ris na monaidhean mun cuairt a lean ris fad a bheatha.

Hide Ad
Hide Ad

’S ann mun àm seo a chur Fionnlagh roimhe tilleadh gu foghlam agus às-dèidh greis sa cholaist aig Newbattle Abbey lean e air gu Oilthigh Obar Dheathain. Chaidh e bho bhith na oileanach gu bhith teagasg, ’s ann aig an àm sin a choinnich e ri Norma, a bhean.

Sin far na thòisich e a’ sgrìobhadh dealbhan-cluiche agus ’s mòr na tha sinn air a chluinntinn anns na làithean seo bho fheadhainn a bha an sàs còmhla ris an uairsin. Gun fhiosta, sin far na chur mi-fhìn eòlas air Fionnlagh an-toiseach is e a’ tadhal air sgoiltean ’s a’ bruidhinn ri clann air tape recorder. Cha do dhìochuimhnich mi riamh an tape recorder no idir, idir gur ann an Gàidhlig a bhruidhinn e rium.

Ann an 1975 thill Fionnlagh agus Norma a Leòdhas agus iad fhèin agus feadhainn eile a bhuineadh dha na h-eileanan air am fastadh gu lìonadh obraichean ùra a bha nis aig Comhairle nan Eilean. Obraichean, nach robh chunna sin, nas fhaisg air a’ choimhearsnachd na Inbhir Pheofharain air taobh thall a’ chuain. ’S e làithean geala bha seo far an robh oifigearan lèirsinneach le taic bho chomhairlichean a bha iad fhèin lèirsinneach agus deònach feuchainn air iomairtean ùra.

Bha Fionnlagh ag obair dha seirbheis an fhoghlaim agus sin an àm anns na chuireadh an sìol bhon tàinig Am Pròiseact Foghlam dà-chànanach, Pròiseact nan Eilean (No pròiseact Van Leer mar a bh’ aig gu leòr air). Bhon a’ Bhilingual, thàinig Acair agus bhon a Van Leer, thàinig iomairtean coimhearsnachd tha dol fhathast samhail na Comainn Eachdraidh agus sin cuideachd an àm anns na thòisich na co-chomainn le taic bhon HIDB.

Hide Ad
Hide Ad

Bha Fionnlagh a’ faicinn gu robh a h-uile h-aon dhuibh sin co-cheangailte; gu robh cosnadh agus dòigh-beatha, ar n-eachraidh ’s ar cultar san àrainneachd a’ snìomh na chèile ’s gu feumte tuigsinn sin agus luach a chur annta. Bha e cuideachd soilleir gu robh còir aig a sin tòiseachadh san sgoil.

An turas mu dheireadh a chunnaic mi Fionnlagh a’ toirt òraid ’s ann sa Ghiblean a chaidh, ’s e a’ cur fàilte dhachaigh air ulaidh Adabroc. Bha sluagh mòr air cruinneachadh anns a’ Chomann Eachdraidh agus chuir Fionnlagh fàilte air an ulaidh le dàimh is grinneas. Tha na thuirt e an latha sin air fhoillseachadh ann an leabhran a gheibhear bho Chomann Eachdraidh Nis is faodaidh sibh a leughadh dhuibh pèin.

Feumaidh mi facal no dhà a ràdh mu na bliadhnachan sòlasach a chur mi seachad ag obair aig Acair. An-toiseachd le Fionnlagh sa chathair agus mu dheireadh le Fionnlagh a’ sgrìobhadh ‘s ag eadar-theangachadh ’s a’ toirt comhairle. ’S mòr an dìleab a dh’fhàg e aig saoghal foillseachadh leabhraichean chloinne, agus cha robh mòrchuis sam bith an lùib na bha e fhèin a’ sgrìobhadh.

“Nach eil fhios agaibh nach eil leanabh a’ coimhead ach an leabhar nan dòrn,” chanadh e agus bha leabhar Maurice Sendak no Julia Donaldson an riochd Gàidhlig a cheart cho prìseil dha ‘s ged a b’ ann sa Ghàidhlig a chaidh an sgrìobhadh bho thùs.

Hide Ad
Hide Ad

Agus chan eil math dìochuimhneachadh air leabhraichean breagha Spot, an cuilean. Bha dùil agam gun tachdadh a ghàireachdainn e nuair a dh’inns mi dha gu robh fear foghlamaichte an Glaschu air gearain a’ dhèanamh rinn nach robh faclan gu leòr annta!! Cha b’ e sin dha Fionnlagh, bha esan cho toilichte leotha ‘s a bha chlann bheaga fhèin agus a charaid Iain Moireach air an cur an riochd Ghàidhlig. Cha sgrìobh mi ann an seo dè thuirt fear Ghlaschu mun leabhar Spot plastaig.

Bha leabhraichean a ciallachadh uimhir dha Fionnlagh. Ga sgrìobhadh do chlann agus inbhich ach cuideachd gan leughadh. Nuair a dheidheadh tu a shealltainn air fhèin agus Norma, bha Fionnlagh na shuidhe mu choinneamh na h-uinneige agus e air a chuairteachadh le leabhraichean. Càil a b’ fhèarr leis na ràdh am faca tu fear sa no, na leugh thu am fear sa. Cha robh crìoch air an leabharlann a bh’ aige fhèin agus Norma san dachaigh.

Cha do bhruidhinn mi air Pròiseact nan Ealan, An Lanntair, Cor na Gàidhlig, Mac Tbh agus uimhir de rudan eile. Tha feadhainn eile air a sin a dhèanamh gu ealanta mur thràth agus creididh mi gun cluinn sinn an tuilleadh ’s na làithean tha romhainn.

Ach, tha mi airson facal a ràdh mun rud a tha e air a bhith spreòdadh orm rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn o chionn bhliadhnaichean. Nach bochd a-riamh, chanadh e, nach deach cuimhneachan a dhèanamh air balaich Bhuirgh a dh’fheuch ris am fearann fhaighinn air ais bho Helm sna 1880an. Dh’inns mi dha nas tràithe am bliadhna gu robh Urras Oighreachd Ghabhsainn dol a chur cuimhneachan air dòigh agus gur e a charaidean Will Maclean agus Marian Levin bha dol dhan dhealbh. Tha mi cho toilichte thuirt e latha sheall mi dha na dealbhan san ospadal.

Hide Ad
Hide Ad

’S tha sin ga mo thoirt chun an aon cuspair air nach bithinn fhìn ’s e fhèin ag aontachadh uair sam bith. Bha mi turas agus bhris reithe dubh-cheannach mo ghlùin ’s bha mo chas air a suaineadh ann am plastar bho mo chnaimh-beag gu mullach mo shliasaid. “Seo a-nise” ars esan “nach tuirt mi riut an cur bhuat” agus aig a’ cheart àm, dà làn baga aige de leabhraichean dhealbhan a chuireadh seachad an tìde dhomh.

Bidh sinn gad ionndrainn cho mòr a Fhionnlaigh.

Tha Fionnlagh a fàgail a bhean Norma, agus a chlann-nighean Ceitanna agus Rachel ’s na teaghlaichean aca fhèin.