Tha crathadh a dhìth air poileasaidh an taigheadais anns na sgìrean dùthchail


Ach, mar a tha fios aig duine sam bith le fiù ‘s smiod eòlais, chan eil e idir cho sìmplidh ri sin. ‘S ann ri linn aon rud, a tha an rud eile ann: cha bhiodh crìonadh sluaigh idir ann mura biodh dìth taigheadais.
Chan e càil às ùr a th’ ann dhan òigiridh a bhith a’ dèanamh air na bailtean mòra, ach tha barrachd is barrachd a’ tuigs' na buannachd ann an a bhith beò air an dùthaich, ann an coimhearsnachdan beaga, agus gur e sin an àrainneachd as fheàrr airson clann a thogail. ‘S e an duilgheadas dha fada cus aca nach eil an cothrom ri fhaighinn ri linn ‘s nach eil àite-fuirich aig ìre reusanta ri fhaighinn.
Advertisement
Advertisement
Mar a sheall deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, ‘s e cuspair a tha seo a tha a’ bualadh air sgrìob farsaing de dh’Alba; na Crìochan san iar-dheas, Siorrachd Obar Dheathain agus a’ Ghàidhealtachd is na h-eileanan.
Tha e follaiseach nach e a bhith a’ cur bhacaidhean air a’ mhargaidh an dòigh air adhart agus le sin, chan eil ach aon roghainn eile ann: barrachd thaighean a thogail.
Ach ‘s e sin a tha air a bhith cho duilich agus a-rithist, tha e a’ tighinn sìos gu dà nì gu sònraichte: prìs àrd an fhearrain (rud a tha ceangailte ri prìsean thaighean) agus modal ceart a stèidheachadh a tha freagarrach (tha feumalachdan diofraichte anns gach àite).
Bha na thuirt ministear an taigheadais, Pòl Mac'Illeinnein, anns an deasbad math gu leòr ann fhèin. Thuirt e gun dèan iad barrachd, gun tèid iad an sàs ann ann an dòigh nas practaigiche, gun geàrr iad sìos air biurocrasaidh agus gum bi 17% dhen bhuidseat gu lèir ga chur gu aon taobh airson taigheadais sna sgìrean dùthchail.
Advertisement
Advertisement
Ach an uair sin, ‘s ann a thàinig e am bàrr nach deach ach £18 millean dhan bhuideat de £30 millean a bha aca san dà bhliadhna a dh’fhalbh airson taigheadas dùthchail a chosg. “Chan urrainn dhomhsa bruidhinn mu dheidhinn na thachair gu ruige seo,” thuirt Mgr Mac'Illeinnein.
‘S dòcha a-rèisd gum biodh e air a bhith tòrr na bu shoirbheachaile faighinn a-mach carson nach deach a chosg sa chiad dol a-mach, seach a bhith a' dol thairis a-rithist air seann argamaidean agus air seann trioblaidean a bha gu math aithnichte co-dhiù.
Dha daoine anns na coimhearsnachdan dùthchail, a tha a’ lorg dachaigh airson teaghlach òg a thogail, tha fhios g’ eil seo dìreach a’ cur ris an àmhghar. Chan eil mòran a’ tachairt airson an cuideachadh.
Tha crathadh is sìmpleachadh a dhìth, agus ‘s dòcha gun deach a mheasadh nas fheàrr leis a' bhàll-pharlamaid Ghàidhealach Rhoda Ghrannd nuair a thuirt i: “Tha poileasaidh taigheadais air a dhearbhadh dha na bailtean mòra. Gus am faigh sinn poileasaidh a tha air a dhealbhadh anns an sgìrean dùthchail, chan fhaigh sinn an taigheadas a tha a dhith oirnn.” Amen, dh’fhaodadh tu ràdh.