Dreuchdan ùra gu bhith buannachdail dhan Ghàidhlig

Tha Comunn na Gàidhlig air a ràdh gum bi na h-oifigearan ùra a bhios stèidhichte ann an coimhearsnachdan nan eilean sna seachdainean ri thighinn air leth cudromach ann a bhith togail ìomhaigh a’ chànain.
‘S e na Hearadh aon dhe na sgìrean far am bi na dreuchdan ùra stèidhichte‘S e na Hearadh aon dhe na sgìrean far am bi na dreuchdan ùra stèidhichte
‘S e na Hearadh aon dhe na sgìrean far am bi na dreuchdan ùra stèidhichte

Chaidh fhoillseachadh gun tig sia oifigearan fhàstadh son taic a chumail ri daoine òga le Gàidhlig. Bi trì dhe na h-oifigearan sin stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar – anns na Hearadh, Uig is sgìre Steòrnabhaigh is Loch-a-Tuath.

Ged a tha atharrachadh mòr air a thighinn air suidheachadh na Gàidhlig, le na mìltean de luchd-ionnsachaidh an-duigh air feadh na dùthcha, tha mòran fhathast a’ faicinn coimhearsnachdan nan eilean bunaiteach son cor is seasamh culturail a’ chànain.

Hide Ad
Hide Ad

Bi na h-oifigearan ùra ag obair mar phàirt de sgioba Chomunn na Gàidhlig le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig. Thàinig tuilleadh airgead bhon Riaghaltas ri linn duilgheadasan Covid.

Tha oifigearan aig CnaG anns na coimhearsnachdan eileanach an dràsta fhèin agus tha dùil gum bi an fheadhainn ùra ag obair gu dlùth leis an fheadhainn a tha stèidhichte gus an obair chudromaich seo a choileanadh.

Thuirt àrd-oifigear CnaG, Dòmhnall MacNèill: “Le na trì dreuchdan ùr seo anns na h-eileanan, is gu h-àraid sgìre Ùige, tha sinn a-nis aig ìre far am bheil oifigear aig CnaG anns gach àite anns na h-eileanan.

“Chan eil feadhainn aca ag obair ach aig ìre 0.5 ach fiù ‘s aige sin, tha iad ann -- agus seo a chiad uair a tha an sgioba seo air a bhith 'coileanta'. Chan eil teagamh nach eil seo a' toirt cothrom dhuinne mòran a bharrachd a dhèanamh, le oifigearan a bhith ag obair còmhla thar sgìrean.”

Hide Ad
Hide Ad

Bi cùisean ruideigin duilich fhad ‘s a bhios riaghltean Covid a leanntainn ach aon uair ‘s gum bi e ceadaichte thig daoine a thoirt còmhla a-rithist agus fadachd air.

“Tha sinn gu bhith ag amas air ceangalan nas làidire stèidheachadh le buidhnean eile sa choimhearsnachd - na comuinn Eachdraidh mar aon eisimpleir - feuch am faigh sinn air tachartasan a chuir air dòigh, bho àm gu àm, far am biodh sinn a' toirt sean is òg còmhla,” thuirt Mgr MacNèill.

“'Se ‘obair òigridh’ a bhiodh ann fhathast, ach dìreach le fòcas beagan eadar-dhealaichte is a bhiodh a' freagairt air amasan coimhearsnachd nas fharsuinge.”