Mòd Ionadail Leòdhais literature prizes

Tha Mòd Ionadail Leòdhais a' gabhail àite an t-seachdain seo ann an Steòrnabhagh.

Tha an tachartas a’ gabhail àite nas tràith am bliadhna, leis gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ gabhail àite anns na h-Eileanan an Iar san Dàmhair.

Thòisich e feasgair Diciadain le duaisean Litreachas dhan toirt seachad ann an Taigh-òsta a’ Chaladh. Fhuair na sgoilearan a bhuannaich an 1mh, 2mh agus an 3mh duaisean cothrom a thighinn airson na duaisean aca a thogail. Leugh iad a-mach pàirt den obair aca dhan luchd-èisteachd agus abair gun robh na sgeulachdan aca math.

Hide Ad
Hide Ad

‘S math a rinn iad uile. Chì sibh na sgoilearan a bhuannaich na duaisean seo anns an dealbh.

Thèid farpaisean bàrdachd, seinn, còisir agus ionnsramaid a chumail thairis air an còrr den t-seachdain. Thèid cuirm sònraichte a chumail san Lanntair air Diardaoin an 17mh aig 7.30f, airson Mòd nan Eilean Siar 2016. Bidh measgachadh de sheinneadairean a’ gabhail pàirt air an oidhche mar Seumas Greumach, Cairistìona Primrose, Ceitlin Nic a’ Ghobhainn, Iain MacAoidh, Anna Mhoireach, Koren Pickering, Iain ‘Costello’ MacIomhair agus Lynsey NicRisnidh agus luchd ciùil Andrew Yearley, Graeme Scott, John Murdo MacAmhlaigh agus Graham MacIllinnein. Tha ticeadan airson a’ chuirm seo rim faighinn bho An Lanntair.

Thèid Cuirm na Cloinne a chumail an Talla Cruinneachaidh Sgoil MhicNeacail aig 7f oidhche Haoine. Gheibhear cothrom eisteachd ris an fheadhainn a choisinn na prìomh dhuaisean aig farpaisean a’ Mhòid.

Gheibhear prògram a’ Mhòid agus ticeadan bho Oifis a’ Chomuinn ann an Steòrnabhagh no cuiribh fòn gu 70 3487.

Clas 1-3 Bun-sgoil

1mh Maisi Mhoireasdan, Sgoil Lacasdail

2mh Eva Graham, Sgoil Lacasdail

3mh Beth Macdonald, Sgoil Lacasdail

Clas 4-5 – Bun-sgoil

1mh Sarah NicChoinnich, Sgoil Bheàrnaraigh

2mh Catherine NicDhòmhnaill, Sgoil Lacasdail

3mh= Seumas Moireach, Sgoil a’ Bhac

3mh= Dòmhnall Calum Reid, Sgoil Bhreascleit

Clas 6-7 - Bun-sgoil

1mh Luke Macleòid, Sgoil a’ Bhac

2mh Tom Blunt, Sgoil a’ Bhac

Hide Ad
Hide Ad

3mh= Minnie Kingston-Miles, Sgoil a’ Bhac; 3mh= Alice Nic a’ Mhaoilein, Sgoil an Rubha

Clas 1-3 Àrd-sgoil

1mh Donna NicDhòmhnaill, Sgoil MhicNeacail

2mh Uisdean Reid, Sgoil MhicNeacail

3mh= Alasdair Ceannadach, Sgoil MhicNeacail

3mh= Ruth NicAoidh, Sgoil MhicNeacail

Clas 4–6 Àrd-sgoil

1mh Leanne NicDhòmhnaill, Sgoil MhicNeacail

Duais a’ Bhun-Sgoil – Cupa PNE – Luke Macleòid, Sgoil a’ Bhac

Duais an Àrd Sgoil – Sgiath Comunn na Gàidhlig – Donna NicDhòmhnaill, Sgoil MhicNeacail

Duais Comhlan Togalaich Leicester airson an Sgoil le na comharran is àirde – Sgoil MhicNeacail