Pròiseact Fhìor Àite

Ghabh sreath de chèilidhean co-chomhairleachaidh àite bho chionn cola-deug, a’ toirt cothruim eile do choimhearsnachdan pàirt a gabhail ann an leasachadh Pròiseact an Fhìor Àite (the Great Place project).

Thàinig mòran à coimhearsnachdan na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Barraigh a-mach gu na cèilidhean, a dh’aindeoin na trioblaidean a bh’ ann le Stoirm Brianainn.

Gu mi-fhortanach dh’fheumadh ceilidh Nis a chur dheth air sgàth `s an aimsir, agus tha sinn an dòchas far eile a chur air dòigh a dh’aithghearr.

`S e an adhbhar air cùlaibh a’ Phròiseact Fhìor Àite, Ro-innleachadh Dualchais a leasachadh le lèirsinn deich bliadhna agus plana-gnìomh cuideachd airson nan Eileanan an Iar.

A-measg an obair a thathar a dèanamh, feumar modhan-obrach ro-innleachdail a stèidheachadh airson taic a thoirt le leasachadh eacanomaigeach tro dhualchas freagarrach, feumalachdan bun-structar agus prìomhachasan a lìbhrigeadh.

Thug muinntir na coimhearsnachdan am beachdan seachad ann an dàimh ri ro-innleachd agus plana-gnìomh na pròiseict aig na cèilidhean, fhad `s a bha iad ag èisteachd ri luchd-ciùil agus seinneadairean ionadail.

Tha Catherine NicIlleathain a tha os cionn na pròiseict, agus StrategyScot a tha air an suidheachadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan le oifis aca ann an Steòrnabhagh, an sàs anns an sgioba a tha a’ lìbhrigeadh na pròiseict. Tha a’ phròiseact cuideachd co-stèidhichte leis an Àrd-ollamh Dòmhnaill MacIlleathain agus Kate Hooper, a bha na Àrd-riochdaire aig a’ BhBC.

Thuirt Coinneach MacLeòid, Neach-cathrach Leasachadh na Hearadh, a bha an làthair aig a’ chèilidh aig Hotel Hebrides air an Tairbeart, na Hearadh: “Abair beachd math… co-chomhairleachadh a tha cuideachd na cèilidh!

“`S e rud sònraichte math a th’ ann gu bheil riochdachadh farsaing an làthair airson na còmhraidhean anns na coimhearsnachdan a chluinntinn.

“`S e dòigh-obrach math a th’ ann, a’ dol a-mach agus a’ faighneachd do dhaoine airson am beachdan agus a’ toirt orrasan an còmhradh a stiùireadh, agus bha an t-seinn agus ceòl a’ bhogsa àlainn cuideachd.

“Oidhche sgoinneil le buil shoirbheachail.

Thuirt Catherine NicIlleathain, Manaidsear Pròiseact Fhìor Àite aig Comhairle nan Eilean Siar: “Tha dualchas nàdarrach aig bun gach nì a tha sinn a’ dèanamh nar n-eileanaich.

“Tha an t-uabhas eòlais, tàlant agus beartas de chultair anns a h-uile coimhearsnachd, tha stòraidh eadar-dhealaichte, sònraichte aig a h-uile sgìre.

“Bha seo air leth follaiseach tro na co-chomhairleachaidhean a rinn sinn anns gach coimhearsnachd sna h-Eileanan.

“`S e an rud a tha air leth sònraichte na tha de dhaoine cho dealasach airson na h-obrach seo, a’ glèidheadh agus a’ taisbeanadh ar dualchas chultarail.

“Bha siubhal tro na h-Eileanan, fiù `s anns an Fhaoilleach air leth chudromach oir bha cothrom againn eòlas fhaighinn, agus a bhith an sàs ann an dè a tha a’ dol anns gach sgìre.

“Fhuair sinn tòrr fiosrachaidh bho mhuinntir na coimhearsnachd air feadh nan eilean agus tha sinn a’ faireachdainn gu bheil tuigse nas doimhne againn air an obair, am farsaingeachd, miannan agus comasan ar dualchas air feadh nan eilean.”

Tha a’ phròiseact a mhaireas dà bhliadhna air a’ stiùireadh le Comhairle nan Eilean Siar le com-pàirtichean leithid Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE), Turasachd Innse Gall, An Lanntair, Taigh Chearsabhagh, Urras nan Tursachan agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

Tha a’ phròiseact air a’ stiùireadh bho astar le buidheann stiùiridh le riochdachadh bhon a h-uile com-pàirtiche.

Tha a’ phròiseact air a mhaoineachadh le Maoin Dualchais an Crannchur Nàiseanta.