SIOSTAM FÒN ÙR AIRSON COMHAIRLE NAN EILEAN SIAR

Bho 31 Faoilleach bidh siostam ùr fònaichean a’ tòiseachadh aig Comhairle nan Eilean Siar.  Bidh seo a’ ciallachadh gum bi àireamhan fòn ùr aig luchd-obrach na Comhairle.

Feumar an siostam  ùrachadh òr chan eil comas aig an t-seann siostam cumail suas le feumalachdan na Comhairle.  Ann an cuid a dh’àiteachan cha ghabh leudachadh air an siostam.  Chaidh an siostam ùr fhiachainn anns na sgoiltean agus aig prìomh oifisean na Comhairle far a bheil e air soirbheachadh gu math.

Thuirt Cathraiche Fo-chomataidh ICT na Comhairle, Tormod A Dòmhnallach:        

“Tha an siostam ùr seo gu bhith nas fheàrr agus nas adhartaiche do luchd-obrach na Comhairle, luchd-cleachdaidh na seirbheisean agus a’ choimhearsnachd air fad.  Tha a’ Chomhairle a’ cleachdadh teicneòlas ùr-ghnàthach gus cothrom nas fheàrr a thoirt do luchd-cleachdaidh sheirbheisean agus gus a’ chosgais co-cheangailte ris an t-seann siostam a lùghdachadh.”

‘S e 0845 6007090 àireamh ùr na Comhairle.  Thig atharrachadh cuideachd air àireamhan fòn luchd-obrach agus gheibhear na h-àireamhan ùr air làrach lìn na Comhairle.  Tha an siostam ùr seo ag obair tro lìonra choimpiutairean na Comhairle agus cha bhì cosgais ann a bhith a’ fònadh bho oifis gu oifis no gu sgoiltean.  Cuideachd chìthear sàbhalaidhean tro na loidhnichean fòn air nach bi feum tuilleadh.  A thuilleadh air sin, bidh bun-structar cunbhalach aig oifisean na Comhairle agus na sgoiltean, a lùghdachadh obair caraidh agus cosgais rianachd an t-seann siostam.

Tron siostam IP, tha e gu bhith nas fhasa do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith ag obair aig astar no bho na dachaighean aca.

Chan eil atharrachadh a’ tighinn air àireamh Fàire, ionad èiginn taobh a-muigh uairean na Comhairle.  ‘S e 01851 701702 a bhios ann fhathast.

Gheibhear fiosrachadh mu na h-àireamhan ùr air làrach-lìn na Comhairle http://www.cne-siar.gov.uk